Goireasan Bun-sgoil
Gaelic4Parents
Gàidhlig nan Òg
Bi Sunndach agus Seinn!
Tha Sinn a’ Dol a Shireadh Mathan
Fios air Fuaimean
Giglets ann an Gàidhlig
Lasadh
Go!Gaelic
'Smathsin
Na Lochlannaich
An Dàrna Cogadh
Call na h-Iolaire
Beatha le Buaidh
Ceàird an Sgrìobhaiche
Goireasan Cànain
A’ Chiste-chiùil
An Fhìdeag Albannach
STEM
Seo Sibh!
Leasachadh Cainnt agus Gàidhlig
Leugh & Leasaich
Sgeulachdan Traidiseanta
Mar a chuala mise e
Obair nan Ceallan
Bha Seònaid NicLachlainn (Jessie Niven MacLachlan) na seinneadair ainmeil.
Sheinn i ann an tallachan mòra, spaideil air feadh an t-saoghail.
Bha mìltean a’ tighinn ga cluinntinn.
Bha i a’ seinn òrain Albannach ann an dòigh cho ealanta ’s gun tug daoine oirre
‘The Queen of Scottish Song’.
Ge be càite an robh Seònaid NicLachlainn a’ seinn bha òrain Ghàidhlig an-còmhnaidh anns a’ phrògram aice.
Bha i pròiseil air a’ chànan a dh’ionnsaich i na nighean òg anns an Òban.
Is e ‘Smeòrach nan Gàidheal’ an t-ainm a bh’ aig luchd na Gàidhlig oirre – a bheil fios agaibh carson?
Chaidh an leabhar-dhealbhan cliùteach Chan e Fògarach m’ ainm a sgrìobhadh le Kate Milner.
Tha an leabhar a’ leantainn balach beag agus a mhàthair air turas bhon dachaigh ann an dùthaich nach deach ainmeachadh sa bheil cogadh, gu àite sàbhailte fada air falbh.
Tha an leabhar a’ dèiligeadh ris a’ mhì-chinnt, an iomagain, a’ chlaoidheadh an dlùth-cheangail eadar pàrant agus pàiste.
Air mòran dhuilleagan tha ceistean dìreach do leughadair a tha a’ brosnachadh co-fhaireachdainn agus cnuasachadh – dè dhèanadh tusa nan tachradh seo dhut?
Postairean Ciùil
Chaidh na 33 postairean seo fhoillseachadh don dàrna/treas ìre le Stòrlann.
Cuideachd, le stiùir bho thidsearan, chaidh 5 de na postairean a chlò-bhualadh agus a chur gu sgoiltean.
Cùm sùil a-mach air an son ‘s iad a’ tighinn a dh’aithghearr!
PLASTAIG
’S e goireas tar-churraicealam a tha seo a chuidicheas sgoilearan gu ionnsachadh mun a’ bhuaidh a th’ aig plastaig air an àrainneachd, air beathaichean agus air daoine air feadh an t-saoghail, carson a dh’fhàs e na thrioblaid mhòr, agus gu bheil pàirt aig gnìomhachasan, riaghaltasan, sgoiltean agus a’ mhòr-shluagh airson fuasgladh fhaighinn air a’ chùis.
Powerpoint
Am biodh tusa cho treun ’s gun dèanadh tu sabaid?
Nuair a bha baile Seònaid, a bha 12, ann an cunnart, chuir i roimhpe rudeigin a dhèanamh.
Rinn i co-dhùnadh san spot a dh’fhaodadh gach nì a thoirt bhuaipe: a dachaigh, a teaghlach – fiù ’s a beatha.
Am b’ urrainn Seònaid am baile a shàbhaladh bho sgrios? Air neo an rachadh an teaghlach ’s na caraidean aice a chur às na dachaighean aca, gun fhios dè bhiodh romhpa?
Stèidhichte air tachartasan fìor, tha Giuthas Sealbhach ag innse sgeulachd bhrùideil nam Fuadaichean air a’ Ghàidhealtachd, nuair a bha barrachd meas aig na h-uachdarain air caoraich na bha aca air daoine.
Sgeulachdan le Catrìona Lexy Chaimbeul
Èistibh ri trì sgeulachdan bhon ùghdar, bana-bhàrd agus cleasaiche, Catrìona Lexy Chaimbeul agus gabh pàirt anns na bùithean-obrach a leanas. Gheibh sibh cothrom na sgeulachdan agaibh fhèin a dhèanamh san aon stoidhle. Chòrdadh e rinn na sgeulachdan agaibh a leughadh, nach cuir sibh iad gu oifis@storlann.co.uk
Chluinnear dà sgeulachd à beul-aithris agus aon air a sgrìobhadh le Catrìona i fhèin a tha a’ nochdadh anns an leabhar aice Sgeulachdan Eagalach Feagalach.
’S e cothrom a th’ ann do sgoilearan sgeulachadan thradiseanta a chluinntinn, na sgilean èisteachd is làbhairt agus sgrìobhaidh a leasachadh agus am macmeanma aca a bheothachadh. Siuthadaibh!
A’ Bhanrigh
Thug Ealasaid II seirbheis mar Bhanrigh airson 70 bliadhna agus 214 lathaichean. B’ i am monarc Breatannach a b’ fhaide a bha a’ riaghladh riamh, agus b’ i an ceannard stàite boireann a b’ fhaide a chaidh a chlàradh ann an eachdraidh.
Eachdraidh mo Bhaile
Goireasan airson taic a thoirt do chlann na faireachdainnean aca aithneachadh, gan chur an cèill agus a’ dèiligeadh ri faireachdainnean làidir ann an dòigh dheimhinneach.
Seat phostairean/mataichean fhaclan a ghabhas cleachdadh ann an diofar dhòighean airson clann a chuideachadh gus am briathrachas agus an sgilean litearrachd faireachail a leasachadh.
Powerpoint
Faclan Feumail – Goireas Taic Litreachas
Goireasan airson taic a thoirt do chlann le leughadh, sgrìobhadh agus litreachadh. Leis an fhaclair shìmplidh seo thèid briathrachas sgoilearan P1-4 a leudachadh agus thèid bun-sgilean a leasachadh nuair a tha iad ag ionnsachadh aig an taigh.
Tha dealbhan tarraingeach a’ sealltainn ciall gach facail agus tha liostaichean ann cuideachd le gnìomhairean, facail calg-dhìreach an aghaidh a chèile, dathan, lathaichean agus àireamhan gu 20.
Luchd-saidheans Albannach
CfE Ìre 2
Tha an goireas tar-churraicealam seo a’ toirt cothrom do sgoilearan faighinn a-mach mu 8 luchd-saidheans cudromach, a tha ainmeil agus nach eil cho ainmeil, fireannaich agus boireannaich. Tha fòcas air cànan, gu sònraichte leughadh airson fiosrachadh agus an ceangal ri sgrìobhadh; le seo ‘s urrainn sgoilearan na teacsaichean a chleachdadh mar mhodailean, cuide ris a’ PhowerPoint agus am mat fhaclan, airson teacsaichean eachdraidh-beatha a sgrìobhadh iad fhèin.
Anns a’ ghoireas tha:
- 8 teacsaichean leughadh airson fiosrachadh, aig trì ìrean dùbhlain, le diofar cheistean
- PowerPoint agus mat fhaclan mun dòigh san sgrìobh thu eachdraidh-beatha
- Ceistean sgilean smaoineachaidh
- Geama chairtean
Èist ’s Leugh
Faidhlichean fuaim
- Plòighe le Paidhtean
- Luchrabain Lionmhor
- Banana Mhozart
- Suathadh
- Shona, Sgrùdaire Fhaclan
Mapadh
Tha mapaichean air an dèanamh le luchd-tarraing mhapaichean airson daoine a stiùireadh.
Faigh a-mach mu dhiofar sheòrsaichean mapa agus mar a chleachdas tu co-chomharran airson àite no rud a lorg air map.
Àireamhachd agus matamataig : eòlasan agus builean
Cumadh, suidheachadh agus gluasad
Ceàrn, co-chothromachd agus cruth-atharrachadh
MTH 1-18a
MTH 2-18a
An Roinn Eòrpa
CfE Ìre 2
’S e goireas tar-churraicealam a tha seo a chuidicheas sgoilearan gu cur ris a’ mhap-inntinn aca agus eòlas a chur air dòighean-beatha, cruth-tìre, àiteachan cudromach agus cultar ann an dùthchannan san Roinn Eòrpa.
Tha fòcas air cànan, gu sònraichte leughadh agus sgrìobhadh theacsaichean
neo-fhicsean, agus tha e a’ toirt cothrom dhaibh na sgilean rannsachaidh agus na sgilean cruthachail aca a leasachadh.
Anns a’ ghoireas seo tha:
8 earrannan leughaidh airson fiosrachadh, aig trì ìrean,
le ceistean agus dùbhlain.
Stiùireadh air mar a sgrìobhar aithisg agus stuthan-taic sgrìobhaidh do sgoilearan.
Duilleagan-obrach mu mhapaichean..
Geama chairtean Top Trumps.
Duilleagan-rannsachaidh mu dhòighean-siubhail.
’S e fuasgladh anns an talamh far a bheil magma teth à doimhneachd na talmhainn a’ bruthadh suas chun an uachdair a th’ ann a’ bholcàno. Mar as trice, tha iad coltach ri beanntan.
30 Latha de Mhothachas
Leabhar-latha gus inntinn fhosgailte agus smaoineachadh deimhinneach a bhrosnachadh.
Leis an leabhran seo bidh tu a’ cumail d’ inntinn air na rudan deimhinneach nad bheatha. Co-dhiù a bheil iad beag no mòr, tha iad uile cudromach. ’S e dòigh a th’ ann air smaoineachadh air na rudan matha nad bheatha agus grèim a chumail orra.
Roilig faclan cumanta & Nathraichean agus àraidhean
Pasgan gheamannan a tha freagarrach do sgoilearan ann an clas 1-3 airson practas a dhèanamh air faclan cumanta ann an dòigh spòrsail!
Roilig stòiridh
Roilig dìsinn agus cleachd do mhac-meanmna gus stòiridh a dhèanamh!
Pasgan cànain do sgoilearan ceann shìos na bun-sgoile. An cois seo, tha gnìomhan gràmair, sgrìobhadh agus cothroman airson briathrachas a leudachadh.
Tòisich le ‘Uair a bha siud’ agus inns stòiridh a tha a’ ceangal nan 9 dealbhan ri chèile…
Apps
Tha sreath leabhraichean Storyworlds ri fhaighinn mar leabhraichean audio air Gaelic4Parents.com agus air Soundcloud.com. Rinn sinn sgan de na leabhraichean gu lèir agus tha iad a-nis rim faotainn mar pdfs air làrach SeoSibh!
Ceangalan
Tha mìltean faidhlichean fuaim againn, còrr is 300 leabhar audio nam measg. Tha iad rim faotainn air diofar làraich ach cuideachd air Soundcloud.com
- Leugh
- Sgrìobh
- Cunntais
- Geamannan
- Tòrr eile!
- Fileanta
- Ceumannan
- Gàidhlig nan Òg
- Bi Sunndach agus Seinn
- Tòrr eile!
- An t-sìde
- Obraichean
- Làithean na seachdain
- Cuspairean sgoile
- Tòrr eile!
Seo Sibh!
Tha goireas aig Stòrlann a leigeas le luchd-cleachdaidh stuthan a tha iad fhèin air ullachadh a luchdachadh suas gu stòr susbaint didseatach.
Aon uair ’s gun tèid na stuthan a luchdachadh suas, nì Stòrlann luachadh orra, sgioblachdh a thaobh càileachd agus gràmar, agus eadar-theangachadh ma tha sin a dhìth.