Eachdraidh mo Bhaile
Tha an goireas seo airson taic a thoirt do sgoiltean na sgilean èisteachd is labhairt, sgilean rannsachaidh agus sgilean teicneòlais aig sgoilearan a chur an gnìomh. Tron rannsachadh gheibh a’ chlann eòlas air pàirt de dh’eachdraidh agus cultar na sgìre.
’S e cothrom fìor mhath a tha seo do sgoilearan a’ Ghàidhlig aca a chleachdadh air taobh a-muigh a’ chlas agus eòlas fhaighinn air luchd-labhairt na Gàidhlig anns an sgìre aca fhèin.
Le taic ’s dòcha bho Chomann Eachdraidh no Oifigear Leasachaidh Gàidhlig, dh’fhaodadh na h-agallamhan a bhith aghaidh ri aghaidh, air a’ fòn no thairis air an eadar-lìon. Bidh riaghailtean diofraichte aig gach comhairle a rèir an teicneòlais a tha ceadaichte agus riaghailtean a thaobh sàbhailteachd air an eadar-lìon, me, fònaichean-làimhe, Zoom, Skype ’s msaa.