Skip to content

CRUINN-EÒLAS
Leabhar Cùrsa – Nàiseanta 4 and 5

Cruinn-eòlas

Is e cuspair cudromach a tha ann an Cruinn-eòlas oir tha e a’ toirt cothrom dhuinn diofar sgilean ionnsachadh: sgilean a dh’fheumas sinn airson mapadh, airson obair air a’ bhlàr-a-muigh, airson rannsachadh agus airson fiosrachadh is dàta a mhìneachadh ’s a thaisbeanadh. Tha e cuideachd a’ toirt cothrom dhuinn ar sgilean smaoineachaidh, ar sgilean litearrais agus ar sgilean àireamhachd a thoirt air adhart nuair a bhios sinn a’ dèiligeadh ri diofar earrannan den chuspair. Bidh sinn a’ leasachadh chomasan a tha feumail airson cosnadh, iomairt agus
saoranachd. Tha na sgilean seo feumail ann an iomadh suidheachadh eile agus bidh iad nan cuideachadh a thaobh ionnsachadh san fharsaingeachd, beatha làitheil agus obair làitheil.

Mapadh Rannsachadh
Sgilean cruinn-eòlasach
Cruinneachadh Pròiseasadh