Am biodh tusa cho treun ’s gun dèanadh tu sabaid?
Nuair a bha baile Seònaid, a bha 12, ann an cunnart, chuir i roimhpe rudeigin a dhèanamh.
Rinn i co-dhùnadh san spot a dh’fhaodadh gach nì a thoirt bhuaipe: a dachaigh, a teaghlach – fiù ’s a beatha.
Am b’ urrainn Seònaid am baile a shàbhaladh bho sgrios? Air neo an rachadh an teaghlach ’s na caraidean aice a chur às na dachaighean aca, gun fhios dè bhiodh romhpa?
Stèidhichte air tachartasan fìor, tha Giuthas Sealbhach ag innse sgeulachd bhrùideil nam Fuadaichean air a’ Ghàidhealtachd, nuair a bha barrachd meas aig na h-uachdarain air caoraich na bha aca air daoine.