Skip to content
vintage-border
Jessie MacLachlan

Bha Seònaid NicLachlainn (Jessie Niven MacLachlan) na seinneadair ainmeil.

Sheinn i ann an tallachan mòra, spaideil air feadh an t-saoghail.

Bha mìltean a’ tighinn ga cluinntinn.

Bha i a’ seinn òrain Albannach ann an dòigh cho ealanta ’s gun tug daoine oirre 
The Queen of Scottish Song’.

Ge be càite an robh Seònaid NicLachlainn a’ seinn bha òrain Ghàidhlig an-còmhnaidh anns a’ phrògram aice.

Bha i pròiseil air a’ chànan a dh’ionnsaich i na nighean òg anns an Òban.

​Is e ‘Smeòrach nan Gàidheal’ an t-ainm a bh’ aig luchd na Gàidhlig oirre – a bheil fios agaibh carson?

 
Jessie MacLachlann