Bha Seònaid NicLachlainn na seinneadair ainmeil.
Sheinn i ann an tallachan mòra, spaideil air feadh an t-saoghail.
Bha mìltean a’ tighinn ga cluinntinn.
Bha i a’ seinn òrain Albannach ann an dòigh cho ealanta ’s gun tug daoine oirre ‘The Queen of Scottish Song’.
Ge be càite an robh Seònaid NicLachlainn a’ seinn bha òrain Ghàidhlig an-còmhnaidh anns a’ phrògram aice.
Bha i moiteil às a’ chànan a dh’ionnsaich i na nighean òg anns an Òban.
Is e ‘Smeòrach nan Gàidheal’ an t-ainm a bh’ aig luchd na Gàidhlig oirre – a bheil fios agaibh carson?
Nighean òg a’ fàs suas anns an Òban
Cha robh Seònaid ach ochd bliadhna dh’ aois an uair a thòisich i a’ seinn ann an còisir na h-eaglaise.
Bha seinn agus Gàidhlig anns an teaghlach, agus bha Seònaid a’ seinn òrain Ghàidhlig an uair a bha i òg.
Bha an guth aice cho brèagha ’s gun robh daoine sa bhaile a’ toirt còmhairle do a pàrantan gum bu chòir trèanadh proifeiseanta fhaighinn dhi.
Chaidh Seònaid a Ghlaschu an toiseach – a’ chiad cheum air an rathad gu bhith na rionnag mhòr!
Bha i mu sheachd bliadhna deug aig an àm – saoil ciamar a bha i a’ faireachdain a’ fàgail an Òbain airson a’ bhaile mhòir?
Ann ann 1899, chaidh an t-seinn aig Seònaid NicLachlainn a chlàradh ann an Glaschu le teicneòlas a bha air ùr-nochdadh: An Gramofon.
Sheinn Seòndaid dà òran Gàidhlig, ‘Ho ro mo nighean donn bhòidheach’ agus ‘Mo Dhachaidh’ – a’ chaid òrain Ghàidhlig a bha riamh air clàr gramofon.
Tha na seann chlàran seo a’ toirt cothrom dhuinn an-diugh an guth àlainn aig Seònaid MacLachlan a chluinntinn.
A’ seinn air beulaibh na Bànrigh
Ann an 1892, fhuair Seònaid NicLachlainn cuireadh gu Caisteal Bhalmoral gus a bhith a’ seinn air beulaibh Banrigh Bhictoria.
Abair urram, agus abair fothail a bhith a’ faighinn deiseil air a shon!
Òrain
- Òran 1 - Fear a' Bhata - Vocal Mix
- Òran 1 - Fear a' Bhata - Instrumental
- Òran 2 - Am Fleasgach Donn (Fàil Ill Ò Agus Hòro Èile) -Vocal Mix
- Òran 2 - Am Fleasgach Donn (Fàill Ill Ò Agus Hòro Èile) - Instrumental
- Òran 3 - Mo Dhachaigh - Vocal Mix
- Òran 3 - Mo Dhachaigh - Instrumental
- Òran 4 - Horò, Mo Nighean Donn Bhòidheach - Vocal Mix
- Òran 4 - Horò, Mo Nighean Donn Bhòidheach - Instrumental