Skip to content

Primary School Castle

Goireasan Bun-sgoil

An làrach-lìn do phàrantan ’s do chlann a tha an sàs ann am Foghlam Gàidhlig

Gaelic4Parents

An làrach-lìn do phàrantan ’s do chlann a tha an sàs ann am Foghlam Gàidhlig
Gàidhlig san dachaigh ann an dòigh a tha feumail ach spòrsail

Gàidhlig nan Òg

Gàidhlig san dachaigh ann an dòigh a tha feumail ach spòrsail
Bi Sunndach

Bi Sunndach agus Seinn!

Geamannan seinn Gàidhlig – bhidiothan, audio agus eile!
Bear Hunt

Tha Sinn a’ Dol a Shireadh Mathan

Seo leabhar chloinne le dealbhan bho 1989
Fonaigs don bhun-sgoil – leasaich briathrachas, labhairt agus èisteachd

Fios air Fuaimean

Fonaigs don bhun-sgoil – leasaich briathrachas, labhairt agus èisteachd
Giglets

Giglets ann an Gàidhlig

Sgeulachdan clasaigeach air an ath-innse le Giglets
Stòr de ghoireasan tarraingeach do thidsearan bun-sgoile ann am FMG

Lasadh

Stòr de ghoireasan tarraingeach do thidsearan bun-sgoile ann am FMG
Cùrsa a chleachdas tidsearan aig nach eil Gàidhlig idir no dìreach beagan Gàidhlig

Go!Gaelic

Cùrsa a chleachdas tidsearan aig nach eil Gàidhlig idir no dìreach beagan Gàidhlig
An aon chomaig Gàidhlig air-loidhne do chlann

'Smathsin

An aon chomaig Gàidhlig air-loidhne do chlann
Pasgan a tha an cois ciste làn de mhic-samhail nithean Lochlannach

Na Lochlannaich

Pasgan a tha an cois ciste làn de mhic-samhail nithean Lochlannach
Goireas eadar-chuspaireil a chuidicheas le teagasg WW2 ann am P4-7

An Dàrna Cogadh

Goireas eadar-chuspaireil a chuidicheas le teagasg WW2 ann am P4-7
Air 1 Faoilleach, 1919, chaidh HMY Iolaire fodha faisg air caladh Steòrnabhaigh

Call na h-Iolaire

Air 1 Faoilleach, 1919, chaidh HMY Iolaire fodha faisg air caladh Steòrnabhaigh
Eachdraidhean-beatha goirid air daoine ainmeil

Beatha le Buaidh

Eachdraidhean-beatha goirid air daoine ainmeil
Còrr is 30 teacsa a tha freagarrach airson Leughadh agus Sgrìobhadh Co-roinnte

Ceàird an Sgrìobhaiche

Còrr is 30 teacsa a tha freagarrach airson Leughadh agus Sgrìobhadh Co-roinnte
Mataichean bùird, Cairtean Dèan Seantans, Seantansan Loop, Postairean

Goireasan Cànain

Mataichean bùird, Cairtean Dèan Seantans, Seantansan Loop, Postairean
Gnìomhan ciùil agus bhidiothan trèanaidh ann am buidhnean ron-sgoil

A’ Chiste-chiùil

Gnìomhan ciùil agus bhidiothan trèanaidh ann am buidhnean ron-sgoil
Taoitear slàn le Fran Gray le audio agus leabhar ri luchdachadh a-nuas

An Fhìdeag Albannach

Taoitear slàn le Fran Gray le audio agus leabhar ri luchdachadh a-nuas
Grunn ghoireasan, ’s nam measg tha matamataig, robotaigs agus Raspberry Pi

STEM

Grunn ghoireasan, ’s nam measg tha matamataig, robotaigs agus Raspberry Pi
Làrach do thidsearan – cuir thugainn stuthan airson an co-roinn ri càch

Seo Sibh!

Làrach do thidsearan – cuir thugainn stuthan airson an co-roinn ri càch
Goireasan airson obair an cois clann le duilgheadasan cainnt

Leasachadh Cainnt agus Gàidhlig

Goireasan airson obair an cois clann le duilgheadasan cainnt
Notaichean do thidsearan air grunn leabhraichean chloinne sònraichte

Leugh & Leasaich

Notaichean do thidsearan air grunn leabhraichean chloinne sònraichte
18 sgeulachdan traidiseanta, cuid à Alba, beòthaichte do chlann

Sgeulachdan Traidiseanta

18 sgeulachdan traidiseanta, cuid à Alba, beòthaichte do chlann
Sgeulachdan traidiseanta le dealbhan à Alba ’s Èirinn agus notaichean tidseir

Mar a chuala mise e

Sgeulachdan traidiseanta le dealbhan à Alba ’s Èirinn agus notaichean tidseir
Diofar sheòrsaichean de cheallan: craiceann, fèithean, fuil agus cnàmhan

Obair nan Ceallan

Diofar sheòrsaichean de cheallan: craiceann, fèithean, fuil agus cnàmhan
My name is not refugee

Chaidh an leabhar-dhealbhan cliùteach Chan e Fògarach m’ ainm a sgrìobhadh le Kate Milner.

Tha an leabhar a’ leantainn balach beag agus a mhàthair air turas bhon dachaigh ann an dùthaich nach deach ainmeachadh sa bheil cogadh, gu àite sàbhailte fada air falbh.

Tha an leabhar a’ dèiligeadh ris a’ mhì-chinnt, an iomagain, a’ chlaoidheadh an dlùth-cheangail eadar pàrant agus pàiste.

Air mòran dhuilleagan tha ceistean dìreach do leughadair a tha a’ brosnachadh co-fhaireachdainn agus cnuasachadh – dè dhèanadh tusa nan tachradh seo dhut?

No downloads found!
    Illustration: Mother and child

    Postairean Ciùil

    Chaidh na 33 postairean seo fhoillseachadh don dàrna/treas ìre le Stòrlann.

    Cuideachd, le stiùir bho thidsearan, chaidh 5 de na postairean a chlò-bhualadh agus a chur gu sgoiltean.

    Cùm sùil a-mach air an son ‘s iad a’ tighinn a dh’aithghearr!

    Icon
    Postairean Daydream - Seata slàn
    Elements
    comharran-ciuil

    PLASTAIG

    ’S e goireas tar-churraicealam a tha seo a chuidicheas sgoilearan gu ionnsachadh mun a’ bhuaidh a th’ aig plastaig air an àrainneachd, air beathaichean agus air daoine air feadh an t-saoghail, carson a dh’fhàs e na thrioblaid mhòr, agus gu bheil pàirt aig gnìomhachasan, riaghaltasan, sgoiltean agus a’ mhòr-shluagh airson fuasgladh fhaighinn air a’ chùis.

    Plastaig

    PDF

    No downloads found!
      Fir for Luck

      Am biodh tusa cho treun ’s gun dèanadh tu sabaid?

      Nuair a bha baile Seònaid, a bha 12, ann an cunnart, chuir i roimhpe rudeigin a dhèanamh.

      Rinn i co-dhùnadh san spot a dh’fhaodadh gach nì a thoirt bhuaipe: a dachaigh, a teaghlach – fiù ’s a beatha.

      Am b’ urrainn Seònaid am baile a shàbhaladh bho sgrios? Air neo an rachadh an teaghlach ’s na caraidean aice a chur às na dachaighean aca, gun fhios dè bhiodh romhpa?

      Stèidhichte air tachartasan fìor, tha Giuthas Sealbhach ag innse sgeulachd bhrùideil nam Fuadaichean air a’ Ghàidhealtachd, nuair a bha barrachd meas aig na h-uachdarain air caoraich na bha aca air daoine.

      pine-cones
      YoS-logo-gaelic_supporting-white-ns

      Sgeulachdan le Catrìona Lexy Chaimbeul

      Catriona Lexy Campbell

      Èistibh ri trì sgeulachdan bhon ùghdar, bana-bhàrd agus cleasaiche, Catrìona Lexy Chaimbeul agus gabh pàirt anns na bùithean-obrach a leanas. Gheibh sibh cothrom na sgeulachdan agaibh fhèin a dhèanamh san aon stoidhle. Chòrdadh e rinn na sgeulachdan agaibh a leughadh, nach cuir sibh iad gu oifis@storlann.co.uk

      Chluinnear dà sgeulachd à beul-aithris agus aon air a sgrìobhadh le Catrìona i fhèin a tha a’ nochdadh anns an leabhar aice Sgeulachdan Eagalach Feagalach.

      ’S e cothrom a th’ ann do sgoilearan sgeulachadan thradiseanta a chluinntinn, na sgilean èisteachd is làbhairt agus sgrìobhaidh a leasachadh agus am macmeanma aca a bheothachadh. Siuthadaibh!

      HM Queen

      A’ Bhanrigh

      Thug Ealasaid II seirbheis mar Bhanrigh airson 70 bliadhna agus 214 lathaichean. B’ i am monarc Breatannach a b’ fhaide a bha a’ riaghladh riamh, agus b’ i an ceannard stàite boireann a b’ fhaide a chaidh a chlàradh ann an eachdraidh.

      EAchdraidh Mo Bhaile
      eachdraidh mo Bhaile

      Eachdraidh mo Bhaile

      Tha an goireas seo airson taic a thoirt do sgoiltean na sgilean èisteachd is labhairt, sgilean rannsachaidh agus sgilean teicneòlais aig sgoilearan a chur an gnìomh. Tron rannsachadh gheibh a’ chlann eòlas air pàirt de dh’eachdraidh agus cultar na sgìre.
       
      ’S e cothrom fìor mhath a tha seo do sgoilearan a’ Ghàidhlig aca a chleachdadh air taobh a-muigh a’ chlas agus eòlas fhaighinn air luchd-labhairt na Gàidhlig anns an sgìre aca fhèin.
       
      Le taic ’s dòcha bho Chomann Eachdraidh no Oifigear Leasachaidh Gàidhlig, dh’fhaodadh na h-agallamhan a bhith aghaidh ri aghaidh, air a’ fòn no thairis air an eadar-lìon. Bidh riaghailtean diofraichte aig gach comhairle a rèir an teicneòlais a tha ceadaichte agus riaghailtean a thaobh sàbhailteachd air an eadar-lìon, me, fònaichean-làimhe, Zoom, Skype ’s msaa.
      Please use your keyboard space bar or arrows to navigate
      No downloads found!
      Vintage image of pocket watch
      No downloads found!
      vintage-lantern
      No downloads found!
      No downloads found!
      Planet Earth
      Graphic text: Climate change

      Ìre 1

      Powerpoint

      No downloads found!

        Ìre 2

        Powerpoint

        No downloads found!

          Bhidio

          No downloads found!

            Ìre 2

            PDF

            No downloads found!
            Faireachdainnean

            Goireasan airson taic a thoirt do chlann na faireachdainnean aca aithneachadh, gan chur an cèill agus a’ dèiligeadh ri faireachdainnean làidir ann an dòigh dheimhinneach.

            Feelings

            PDF

            No downloads found!

              Seat phostairean/mataichean fhaclan a ghabhas cleachdadh ann an diofar dhòighean airson clann a chuideachadh gus am briathrachas agus an sgilean litearrachd faireachail a leasachadh.

              Powerpoint

              No downloads found!

                Faclan Feumail – Goireas Taic Litreachas

                Goireasan airson taic a thoirt do chlann le leughadh, sgrìobhadh agus litreachadh. Leis an fhaclair shìmplidh seo thèid briathrachas sgoilearan P1-4 a leudachadh agus thèid bun-sgilean a leasachadh nuair a tha iad ag ionnsachadh aig an taigh.

                Tha dealbhan tarraingeach a’ sealltainn ciall gach facail agus tha liostaichean ann cuideachd le gnìomhairean, facail calg-dhìreach an aghaidh a chèile, dathan, lathaichean agus àireamhan gu 20.

                No downloads found!
                  Scotland

                  Luchd-saidheans Albannach

                  CfE Ìre 2

                  Tha an goireas tar-churraicealam seo a’ toirt cothrom do sgoilearan faighinn a-mach mu 8 luchd-saidheans cudromach, a tha ainmeil agus nach eil cho ainmeil, fireannaich agus boireannaich. Tha fòcas air cànan, gu sònraichte leughadh airson fiosrachadh agus an ceangal ri sgrìobhadh; le seo ‘s urrainn sgoilearan na teacsaichean a chleachdadh mar mhodailean, cuide ris a’ PhowerPoint agus am mat fhaclan, airson teacsaichean eachdraidh-beatha a sgrìobhadh iad fhèin.

                  Anns a’ ghoireas tha:

                  • 8 teacsaichean leughadh airson fiosrachadh, aig trì ìrean dùbhlain, le diofar cheistean
                  • PowerPoint agus mat fhaclan mun dòigh san sgrìobh thu eachdraidh-beatha
                  • Ceistean sgilean smaoineachaidh
                  • Geama chairtean
                  Vintage Penicillin Bottle
                  Alexander Fleming
                  No downloads found!
                    Antique microscope

                    Èist ’s Leugh

                    Faidhlichean fuaim

                    • Plòighe le Paidhtean
                    • Luchrabain Lionmhor
                    • Banana Mhozart
                    • Suathadh
                    • Shona, Sgrùdaire Fhaclan

                    Leabhar-latha Ionnsachadh Dachaigh

                    Mapadh

                    mapping

                    Tha mapaichean air an dèanamh le luchd-tarraing mhapaichean airson daoine a stiùireadh.

                    Faigh a-mach mu dhiofar sheòrsaichean mapa agus mar a chleachdas tu co-chomharran airson àite no rud a lorg air map.

                     

                    Àireamhachd agus matamataig : eòlasan agus builean
                    Cumadh, suidheachadh agus gluasad
                    Ceàrn, co-chothromachd agus cruth-atharrachadh
                    MTH 1-18a
                    MTH 2-18a

                    An Roinn Eòrpa

                    CfE Ìre 2

                    ’S e goireas tar-churraicealam a tha seo a chuidicheas sgoilearan gu cur ris a’ mhap-inntinn aca agus eòlas a chur air dòighean-beatha, cruth-tìre, àiteachan cudromach agus cultar ann an dùthchannan san Roinn Eòrpa.
                    Tha fòcas air cànan, gu sònraichte leughadh agus sgrìobhadh theacsaichean
                    neo-fhicsean, agus tha e a’ toirt cothrom dhaibh na sgilean rannsachaidh agus na sgilean cruthachail aca a leasachadh.

                    Anns a’ ghoireas seo tha:

                    8 earrannan leughaidh airson fiosrachadh, aig trì ìrean,
                    le ceistean agus dùbhlain.
                    Stiùireadh air mar a sgrìobhar aithisg agus stuthan-taic sgrìobhaidh do sgoilearan.
                    Duilleagan-obrach mu mhapaichean..
                    Geama chairtean Top Trumps.
                    Duilleagan-rannsachaidh mu dhòighean-siubhail.

                    Volcanoes

                    ’S e fuasgladh anns an talamh far a bheil magma teth à doimhneachd na talmhainn a’ bruthadh suas chun an uachdair a th’ ann a’ bholcàno. Mar as trice, tha iad coltach ri beanntan.

                    30 Latha de Mhothachas

                    Leabhar-latha gus inntinn fhosgailte agus smaoineachadh deimhinneach a bhrosnachadh.

                    Leis an leabhran seo bidh tu a’ cumail d’ inntinn air na rudan deimhinneach nad bheatha. Co-dhiù a bheil iad beag no mòr, tha iad uile cudromach. ’S e dòigh a th’ ann air smaoineachadh air na rudan matha nad bheatha agus grèim a chumail orra.

                    mindfullness-boy

                    Roilig faclan cumanta & Nathraichean agus àraidhean

                    dice
                    Roillig faclan

                    Pasgan gheamannan a tha freagarrach do sgoilearan ann an clas 1-3 airson practas a dhèanamh air faclan cumanta ann an dòigh spòrsail!

                    Snakes and ladders

                    Roilig stòiridh

                    Roilig dìsinn agus cleachd do mhac-meanmna gus stòiridh a dhèanamh!

                    Pasgan cànain do sgoilearan ceann shìos na bun-sgoile. An cois seo, tha gnìomhan gràmair, sgrìobhadh agus cothroman airson briathrachas a leudachadh.

                    neòineachan
                    wolf
                    Dèan Stòiridh

                    Tòisich le ‘Uair a bha siud’ agus inns stòiridh a tha a’ ceangal nan 9 dealbhan ri chèile…

                    DICE
                    Storyworlds

                    Tha sreath leabhraichean Storyworlds ri fhaighinn mar leabhraichean audio air Gaelic4Parents.com agus air Soundcloud.com. Rinn sinn sgan de na leabhraichean gu lèir agus tha iad a-nis rim faotainn mar pdfs air làrach SeoSibh!

                    Girls with dogs
                    Soundcloud

                    Tha mìltean faidhlichean fuaim againn, còrr is 300 leabhar audio nam measg. Tha iad rim faotainn air diofar làraich ach cuideachd air Soundcloud.com

                    • Leugh
                    • Sgrìobh
                    • Cunntais
                    • Geamannan
                    • Tòrr eile!
                    • Fileanta
                    • Ceumannan
                    • Gàidhlig nan Òg
                    • Bi Sunndach agus Seinn
                    • Tòrr eile!
                    • An t-sìde
                    • Obraichean
                    • Làithean na seachdain
                    • Cuspairean sgoile
                    • Tòrr eile!

                    Seo Sibh!

                    Tha goireas aig Stòrlann a leigeas le luchd-cleachdaidh stuthan a tha iad fhèin air ullachadh a luchdachadh suas gu stòr susbaint didseatach.
                    Aon uair ’s gun tèid na stuthan a luchdachadh suas, nì Stòrlann luachadh orra, sgioblachdh a thaobh càileachd agus gràmar, agus eadar-theangachadh ma tha sin a dhìth.