An Talamh
Tha crith-thalmhainn a’ tachairt nuair a tha pleataichean air am bruthadh ri chèile cho cruaidh ’s gu bheil fear aca
a’ sleamhnachadh no a’ briseadh.
Nuair a ghluaiseas pleataichean gu h-obann agus gu mòr, tha sin a’ cur rùsg na Talmhainn air chrith.
Coltach ri bholcànothan, bidh crithean-talmhainn a’ tachairt aig crìochan-pleata, far a bheil dà phleata a’ coinneachadh.
’S e fuasgladh anns an talamh far a bheil magma teth à doimhneachd na talmhainn a’ bruthadh suas chun an uachdair a th’ ann a’ bholcàno. Mar as trice, tha iad coltach ri beanntan.
Ìre 1
Powerpoint
Ìre 2
Powerpoint
Bhidio
PLASTAIG
’S e goireas tar-churraicealam a tha seo a chuidicheas sgoilearan gu ionnsachadh mun a’ bhuaidh a th’ aig plastaig air an àrainneachd, air beathaichean agus air daoine air feadh an t-saoghail, carson a dh’fhàs e na thrioblaid mhòr, agus gu bheil pàirt aig gnìomhachasan, riaghaltasan, sgoiltean agus a’ mhòr-shluagh airson fuasgladh fhaighinn air a’ chùis.
An Roinn Eòrpa
CfE Ìre 2
’S e goireas tàr-churraicealam a tha seo a chuideachas sgoilearan gu cur
ris a’ mhap-inntinn aca agus eòlas a chur air dòighean-beatha, cruth-tìre, àiteachan cudromach agus cultar ann an dùthchannan san Roinn Eòrpa. Tha fòcas air cànan, gu sònraichte leughadh agus sgrìobhadh theacsan neo-fhicsean, agus tha e a’ toirt cothrom dhaibh na sgilean rannsachaidh agus na sgilean cruthachail aca a leasachadh.”
Anns a’ ghoireas seo tha:
8 earranan leughaidh airson fiosrachaidh, aig trì ìrean, le ceistean agus dùbhlain.
Stiùireadh air mar a sgrìobhar aithisg agus stuthan-taic sgrìobhaidh do sgoilearan.
Duileagan-obrach mu mhapaichean.
Geama chairtean Top Trumps.
Duilleagan-rannsachaidh mu dhòighean-siubhail.