Skip to content

App Mothachais

Slàinte agus Sunnd

Mu dheidhinn

Chruthaich sinn an app Mothachas airson taic a chur ri sreath ghoireasan foghlaim don chlasrum air mothachas.

Leis an app seo tha cothrom agad air diofar ghnìomhan meòrachaidh clàraichte a tha a’ freagairt air gnàth-chùrasaichean làitheil agus faireachdainnean.

Airson an app a dhèanamh chleachd sinn pròiseact stòr fosgailte air a bheil Medito agus bu toigh leinn nan tadhaileadh tu air Bunait Medito airson tuilleadh fhaighinn a- mach mun iomairt aca goireasan meòrachaidh an-asgaidh a dhèanamh don t- saoghal.

Goireasan Meòrachaidh

Faodaidh tu na goireasan a tha rim faighinn an seo a chleachdadh nad mheòrachadh fhèin; faodaidh tu an copaigeadh agus an atharrachadh airson do phròiseactan fhèin.

Gu dearbh, ’s e tionndadh air stuthan bho phròiseact meòrachaidh eile air a bheil Medito a th’ ann an cuid de na stuthan a chlàr sinn.

Air an duilleig seo tha liosta den stòr airson gach sgriobt meòrachaidh cuide ri buidheachas don neach a chruthaich e.

Anns gach suidheachadh faodaidh tu an t-susbaint a chleachdadh a-rithist agus atharrachadh airson feum neo-mhalairteach a rèir cumhachan cead CC BY-NC-SA 4.0 licence.

Goireasan

Stòrlann

San app againn tha na goireasan meòrachaidh a leanas a chruthaich Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig fo chead CC BY-NC-SA 4.0 licence.

Cruthaichte agus foillsichte le Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig fo chead CC BY-NC-SA 4.0

Fon chead seo faodaidh tu:

  • Co-roinn – na goireasan a chopaigeadh agus a sgaoileadh às ùr
  • Atharrachadh – na goireasan atharrachadh, a dheasachadh, eadar- theangachadh agus ath-leasachadh

Bunait Medito

San app againn tha na goireasan a leanas a chaidh atharrachadh bho Medito fo
chead CC BY-NC-SA 4.0. Seo na tiotalan a th’ orra san app:

Meòrachadh na maidne, Meòthrachadh deireadh an latha, a’ dèileagadh ri còmhstrì, Coibhneas is co-fhaireachdainn, Fuaim a nì clag, A’ faireachdainn rud nad làimh, Iomagaineach, nearbhasach.

Chaidh na sgriobtaichean atharrachadh agus eadar-theangachadh bho stuth a dh’fhoillsich Bunait Medito agus faodar an sgaoileadh fo chead CC BY-NC-SA 4.0:

Cruthaichte agus foillsichte le Bunait Medito fo chead CC BY-NC-SA 4.0. Faigh gu gach seisean le bhith a’ luchdachadh a-nuas app Medito an-asgaidh aig https://medito.app.
‘S dòcha gum bi ceadan eile nach tig fon chead seo ri fhaighinn aig meditofoundation.org/license.

Ag atharrachadh agus a’ Co-roinn Ghoireasan

Mu CC BY-NC-SA 4.0

Fon chead seo faodaidh tu:

  • Co-roinn – na goireasan a chopaigeadh agus a sgaoileadh às ùr
  • Atharrachadh – na goireasan atharrachadh, a dheasachadh, eadar- theangachadh agus ath-leasachadh

Faodaidh tu na tha gu h-àrd a dhèanamh fhad ’s a chumas tu ri cumhachan a’ chead.

Cumhachan a’ Chead

  • Buidheachas — Feumaidh tu aithneachadh iomchaidh a dhèanamh, ceangal a thoirt don chead, agus comharrachadh ma chaidh atharraichean a dhèanamh. Faodaidh tu seo a dhèanamh ann an dòigh reusanta sam bith, ach chan ann ann an dòigh a bheir air daoine saoilsinn gu bheil sinne ag aontachadh riut no ris a’ chleachdadh agad.
  • Neo-mhalairteach — Chan fhaod thu an stuth a chleachdadh air adhbharan malairteach.
  • ShareAlike — Ma nì thu ath-mheasgachadh, ath-chruthachadh no ath-thogail air an stuth feumaidh tu na chuir thu ris a sgaoileadh fon aon chead (= under CC BY-NC-SA 4.0)

Taing do

Ar taing do Lorna Taggart airson Fois làn bodhaig a sgrìobhadh, a chaidh a chruthachadh airson seisean air Mothachas a lìbhrig i às leth Stòrlann airson an t-Alltan air loidhne.

Ar taing do SoundSnap.com airson nam fuaimean socair a tha nam pàirt den app.