Skip to content

Slàinte agus Sunnd

Faireachdainnean

Goireasan airson taic a thoirt do chlann na faireachdainnean aca aithneachadh, gan chur an cèill agus a’ dèiligeadh ri faireachdainnean làidir ann an dòigh dheimhinneach.

Feelings

PDF

    Seat phostairean/mataichean fhaclan a ghabhas cleachdadh ann an diofar dhòighean airson clann a chuideachadh gus am briathrachas agus an sgilean litearrachd faireachail a leasachadh.

    Powerpoint

      Aibidil Slàinte is Sunnd

      Storlann-Health-and-Wellbeing-Alphabet-SMALL

      Aibidil Slàinte is Sunnd – PowerPoint anns a bheil beachdan agus gnìomhan airson neartan agus sunnd leanaibh a leasachadh.

      Mothachais

      App Mothachais

      Cleachd an app seo gus a dhol an sàs le d’ fhaireachdainnean tro mheadhan na Gàidhlig. Chaidh Mothachas a chur air dòigh gus suidheachaidhean agus co-theacsaichean faireachail làitheil a nochdadh, agus tha diofar meòrachadh agus eacarsaichean analachaidh clàraichte air.

      Tha Mothachas na phàirt de shreath ghoireasan air mothachas a chaidh a dhèanamh airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean ann an Alba.

      Ach, gabhaidh na goireasan a chleachdadh le duine sam bith le ùidh ann am meòrachadh tro mheadhan na Gàidhlig agus tha sinn a’ toirt cuireadh dhut a bhith nas mothachaile le “Mothachas”.

      30 Latha de Mhothachas

      Leabhar-latha gus inntinn fhosgailte agus smaoineachadh deimhinneach a bhrosnachadh.

      Leis an leabhran seo bidh tu a’ cumail d’ inntinn air na rudan deimhinneach nad bheatha. Co-dhiù a bheil iad beag no mòr, tha iad uile cudromach. ’S e dòigh a th’ ann air smaoineachadh air na rudan matha nad bheatha agus grèim a chumail orra.

      mindfullness-boy

      Scrioptaichean Mothachais

      Tha na scrioptaichean seo freagarrach do sgoilearan ceann shuas na bun-sgoile ach thèid an giorrachadh gu furasta gus am biodh iad freagarrach do sgoilearan ceann shìos na bun-sgoile no do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àrd-sgoil cuideachd. Tagh na pìosan a tha freagarrach don chlas agad fhèin.

      An t-Alltan

      Mothachas

      Lorna Nic an t-Sagairt

      2 x Slàinte agus Sunnd do thidsearan GME aig àm Covid-19

      Raghnaid Fhriseal

      Ceumannan

      Aonad 2 – Làithean na h-òige, làithean na slàinte

      Feuch fhèin Mothachas

      Listen to the Mindfulness exercise (Earrann 5a/b). This is an opportunity for you to relax and take a breather from the day to day stresses of life. You can listen to the exercise as often as you want to. It might be useful to make it part of your daily routine; at the beginning of each lesson, on the school bus, or when you go to bed at night. Your teacher will be able to give you information on where you can access more mindful meditation exercises like this.

      Mindfulness